Luaidh ga dhèanamh air Dòmhnall MacLeòid

Tha luaidh ga dhèanamh air Dòmhnall MacLeòid, an saic-eòlaiche, a chaochail aig aois 72.

B' ann à Beàrnaraigh Leòdhais a bha Mgr. MacLeòid bho thùs.

Bha an ceangal sin fìor chudromach dha fad a bheatha, ged a chuir e seachad bliadhnaichean mòra ann an Sasainn.

Chaidh e an toiseach gu Colaiste Aodaich ann an Galashiels às dèidh dha Leòdhas fhàgail, ach ghabh e slighe eile is e a' dol gu Oilthigh Shruighlea is Oilthigh Liverpool.

Às a sin thàinig teisteanas proifeiseanta 'son obair mar shaic-eòlaiche còmhla ris an t-seirbheis phròbhaidh ann an Sasainn.

Bha eòlas sònraichte aige air inntinn an eucoraich.

Bha e ùine cuideachd na chomhairleach air tubaistean mòra is mar a bha daoine a' dèiligeadh leotha, tubaist Hillsborough nam measg.

Ach rinn e cuideachd dàrna dreuchd dha fhèin mar chraoladair - a' bruidhinn gu sònraichte air cuspairean saic-eòlais.

Bhiodh e air telebhisean is radio ann an Sasainn, ach gu h-àraid air Aithris na Maidne agus Prògram Choinnich air BBC Radio nan Gàidheal.

Rinn Dòmhnall MacLeòid cuideachd sreath phrògraman radio gu math soirbheachail air làithean òige ann am Beàrnaraigh, air an robh Eadar Dà Shaoghal.

Chuir Acair an eachdraidh sin ann an clò mar leabhar às dèidh sin.

Tha Dòmhnall Moireasdan a' toirt sùil air ais air a bheatha.